
Tha e na thlachd mhòr dhomhsa a bhith os cionn na sgoile ‘s tha mi cho moiteil a bhith faicinn cho dealasach ‘s a tha an luchd-obrach ‘s na daoine òga a th’ innte. Tha suaicheantas ùr na sgoile – Ionnsaich le urram, glac do mhiann – dèanamh cinnteach gum bi na h-amasan ‘s slatan-tomhais a tha mu ar coinneamh uile cho àrd sa ghabhas.
Tha ar luchd-obrach làn dealas, taic ‘s dòchas a thaobh an òigridh, rud a tha follaiseach anns na thathar a’ coileanadh gu h-acadaimigeach agus anns gach soirbheachas eile a tha air a bhith againn. Tha sinn a’ cur romhainn gach cothrom a chur mu choinneamh ar n-òigridh gus an coilean iad gach rud air a bheil iad airidh ‘s tha sinn fìor mhoiteil gu bheil gach duin’ aca a’ tighinn gu ceann-uidhe soirbheachail.
‘S e àm brosnachail a tha seo do choimhearsnachd na sgoile ‘s dùil ri togalach ùr, loma làn ghoireasan, a bheir cothroman air leth a thaobh ionnsachadh daingeann ‘s ioma-chùiseach. Tha mi gu mòr a’ coimhead air n-adhart ri bhith ‘g obair ann an com-pàirteachas ribh.
Suzanne Forman
You must be logged in to post a comment.